Na Sìthichean obrach agus Drochaid an Obh


icon Back to all articles

Na Sìthichean obrach agus Drochaid an Obh le Helen Drever. Eadar-theangachadh le Alasdair MacMhaoirn

Uair den t-saoghal bha Morair Mhic Aoidh a’ fuireach faisg air Tunga sa cheann a tuath den a’ Ghàidhealtachd.  ’S e ceannard a bh’ ann air Dùthaich Mhic Aoidh air fad, àite a bha agus a tha cho brèagha sa ghabhas le beanntain àrda agus le mòintich ruadh.  Air a’ cheann a tuath tha tràighean geala, cladaichean agus bàghan fasgaidh siud ’s seo.  Nam measg tha Caolas Thunga, a tha a’ sìneadh fada a-steach dhan tìr.  Bha leannan aig a’ Morair a bha a’ fuireach taobh thall den a’ Caolas agus bha turas fada aig a’ Mhorair mun cuairt a’ Chaolais nan robh e airson a leannan fhaicinn.  Bha fiù ’s siubhal air bàta cunnartach leis na creagan cas air gach taobh den Chaolas.  

“B’ fheàrr leam gu robh drochaid agam!”, thuirt e, agus thug e cruinn e sìthichean an àite airson faighinn a-mach de ghabhadh dèanadh.  

“Chan e togail drochaid an obair a th’ againn”, thuirt iad, “ach ’s cosach gum faighear comhairle à Bana-bhuidseach Mheaghrath.”

Dh’fhalbh am Morair dhan Bhana-bhuidseach Mheaghrath.

“Chan urrainn dhomh ur cuideachadh”, thuirt a’ bhana-bhuidseach ris, “ach tha fhios’ am cò as urrainn.  Cuir sibhse fear dha Sgeun Bheag, Bana-bhuidseach Thairbeart.  Tha sìthichean obrach aice a nì rud sam bith dhi.”

Cho luath sa ghabhas chaidh Aonghas Mac Aoidh a chuir dha Siorrachd Rois leis a’ Mhorair.  B’ e rathad fada a bh’ ann.  Chaidh e taobh Ruadha Dhòrnaich, agus fhuair e bàta dha Baile Dhubhthaich.  An uair sin choisich e dha Tairbeart far an d’ fhuair e lorg air a’ Bhana-bhuidseach a bha a’ fuireach air rudha creagach agus dorch.  ’S ann an siud a dh’fhuirich i là an dèidh là, a’ coimhead a-mach gu muir agus a’ bruidhinn ris na rionnagan.  Bha faireachdainn neònach air Aonghas nuair a choimhead ise air agus dh’fhaighnich i dheth,

“A bhul a bhul, fear à Dùthaich ’ic Aoidh, dè thug ort a thighinn an seo?”  

Dh’innis Aonghas dhi carson a a thàinig e agus thuirt i,

“An innis thu dhomh, Aonghas Mac Aoidh, carson a bu chòir dhomhsa, Sgeun Bheag, cuideachadh a thoirt dhan Morair Mhic Aoidh?  Cha chaomh leam idir esan no a chuideachd roimhe.”

“An aithne dhuibh e?” dh’fhaighnich Aonghas le iongantas air.

“’S aithne dhomhsa e agus a chuideachd cho fada air ais ri linn Aonghais Dhuibh!  Duine làn àrdan, na cheannard treun ach cruaidh-chridheach! “  Ach an uair sin, thuirt i ann an guth sèimh, 

“Ach, bha a bhean coibhneil.  Cha robh i tàireil ri Sgeun Bheag uair sam bith.  Air a sgàth-se bheir mi dhut na tha bhuat airson a’ Mhorair.  Fuirich thusa an seo, agus bheir mi dhut bogsa.  Feumaidh tu am bogsa a thoirt leat dha Dùthaich ’ic Aoidh ’son a’ Mhorair.  Togaidh e an drochaid thairis air a’ Chaolas an uair sin.”

Dh’fhalbh ise, agus thill ise ann an ùine ghoirid le bogsa mòr còmhdaichte  le marrain. Nuair a thug i dhan Aonghas i thuirt i ris,

“Nis, fear à Dùthaich ’ic Aoidh, thoirt leat seo dhan Mhorair ach cuimhnich..., air do bheatha na fosgail am bogsa seo air adhbhar sam bith!”

Thug Aonghas taing dhi, agus dh’fhalbh e leis a’ bhogsa fon achlais.  Cha robh e trom ach bha rudeigin neònach ma dheidhinn.  Uaireannan smaoinich e gu robh rudeigin a’ gluasad taobh a-staigh agus bha e airson coimhead a-steach.  Mar as fhaide bho Sgeun Bheag a dh’fhalbh e, ’s ann nas lugha a bha an t-eagal a chuir i air.  Nuair a ràinig e Baile Dhubhthaich cha robh eagal sam bith air.

“Carson a bhithinn fo eagail ron chailleach?” thuirt e ris fhèin.  “Gu cinnteach tha rudeigin taobh a-staigh agus gabhaidh mi gìogadh.”  

Bhris e na bannan agus gu faiceallach rinn e toll sa mharrain  agus leis a bhiodag rinn e toll sa bhogsa.  Fhuair e cliseadh! Leum sùstain ’s sùstain de shìthichean a-mach às a’ bhogsa.  Leum iad air Aonghas, a’ brogadh a shùilean agus a chluasan, a’ tarraing fhalt agus fad na tìde ag èigheach, 

“Obair obair!  Obair obair! ’S sìthichean obrach sinn!”  

“Oh mo chreach sa thàining!” thuirt Aonghas ris fhèin.  “Dè nì mi a-nis?”

Choimhead e mun cuairt agus chunnaic e Baile Dhubhthaich agus air a chùlaibh bha Cnoc Bhaile Dhubhthaich.  Mar sin thuirt e,

“Thalla sibhse agus spìon an fhraoch uile bhon chnoc ud! Thalla, gu luath!”

Le fuaim mhòr bho na sgiathan aca dh’fhalbh iad.

“Abair faochadh!” thuirt Aonghas ris fhèin.  “

“Cuiridh mi am bogsa ri chèile a-rithist agus togaidh mi orm.  Cha chan mi dùrd ris a’ Morair!”

Chaidh e dhan bhàta a bha a’ feitheamh air an tràigh agus air èiginn chuir e a-mach air uisge e on a bha muir-tràigh gu bhith ann, ach dìreach aig an dearbh àm thàinig na sìthichean air ais ann am pàilteas cho mòr gun do dhubh iad às solas na grèine.

“A chruthaidheachd!” thuirt Aonghas, “a-rithist...dè nì mi?”  Agus a-rithist leum iad air Aonghas, a’ brogadh a shùilean agus a chluasan, a’ tarraing fhalt agus fad na tìde ag èigheach, 

“Obair obair!  Obair obair!”  

“Thug mi obair dhuibh!”, thuirt Aonghas, “Bha agaibh ris an fhraoch uile a spìonadh à Cnoc Bhaile Dhubhthaich agus seo dhuibh air ais mar thà!”

“Seall!” thuirt iad, “Chan eil spadan fhraoich air fhàgail ann!” 

Nuair a choimhead Aonghas, chunnaic e nach robh fiù ’s an aon spadan air fhàgail ann. Far an robh fraoch ruadh cha robh ann an ach talamh dhonn agus bha na sìthichean ag èigheach,

“Obair obair! Obair obair!”

Choimhead Aonghas air a’ Chaolas agus thuirt e, 

“Nis, thalla sibhse agus dèan drochaid eadar an seo agus Rudha Dhòrnaich!  Dèan clachan às an gaineamh agus snìomh ròpaichean às an gaineamh airson na clachan a chumail ri chèile.  Cum sibhse oirbh gus a coisichear tarsainn le cas tioram.  Thalla!”

Dh’fhalbh na sìthichean gu luath agus dh’fhalbh Aonghas sa bhàta leis a’ mhuir làn.  Ràinig e Dòrnach agus dh’fhàg e na sìthichean às a dhèidh.  

An toiseach, chaidh glè mhath leis na sìthichean gus an tàinig am muir làn.  Dh’fhalbh am muir leis na clachan agus leis na ròpaichean gaineimh a rinn iad.  

“Ochan ochan, tha an obair againn air chall!” dh’eigh iad.  

Thòisich iad a-rithist, ’s cuid aca gu math mì-thoilichte.  Gach là ’s oidhche thachair an aon rud on a  tha an làn a’ falbh ’s a tighinn dà trup gach là.  Fad na tìde bha na sìthichean ag abair.  Thachair seo bho chionn ceudan de bhliadhnaichean agus tha iad ag obair ann fhathast.  

Faisg air Baile Dhubhthaich tha bodha aig muir ris a chanar, Drochaid an Obh a bhios a sìneadh a-mach gu Dòrnach. ’S ann an sin a tha na sìthichean ag obair.  Nuair a bhios am muir sèimh chan eil ann ach tuinn bheaga agus bidh na sìthichean a’ gàireachdainn ’s a’ seinn le toileachas on a tha iad a’ faighinn air adhart leis an drochaid.  Ach ann an droch aimsir cluinnidh muinntir Bhaile Dhubhthaich caoineadh ’s gearan agus canaidh iad,

“Èist ri Drochaid an Obh.  Nach i a tha e fuaimneach a-nochd!”

Chan eil fhios aca , ach tha fhios againn ge-tà  nach e Drochaid an Obh a th’ ann idir.  ’S iad na sìthichean a bhios a’ caoineadh ’s a’ gearan on a tha fios aca nach bi an obair aca deiseil a chaoidh.